Seo agad, Peallaidh! Buannaich lèine-t // Introducing Peallaidh! Win a t-shirt

PeallaidhSeo agad, Peallaidh!

‘S ann le toileachas mòr a tha Ùlpan a’ cur fàilte air ball ùr den sgioba  – Peallaidh!

‘S e ùraisg a th’ ann am Peallaidh, dia-uisge à seanchas na Gàidhlig, anns a bheil nàdar de chat-fiadhaich gu h-ìre nach beag.  ‘S e brownies no water-sprites a th’ aig luchd na Beurla orra am bitheantas.

Ged a tha e caran diùid, tha e glè fhiosrachail a dh’aindeoin sin.  ‘S toil leis tòimhseachain agus os cionn a h-uile sìon eile, ’s e toradh an taighe-bainne am biadh as annsa leis.

Dìreach an-dràsta, tha e na chleith an àiteigin ann an duilleagan-lìn Ùlpan.  Ach, chan e an tè seo i, mus fhaighnich thu!

‘S e an dùbhlan agadsa ri bhith ga lorg air an làrach-lìn, agus ri teachdaireachd pearsanta a chur thuige tron lìonradh sòisealta as fheàrr leis, ri innse dha càite an deach e a lorg.

Thèid lèine-t a thoirt aig Peallaidh mar duais do chuideigin a bheir an gnìomh seo gu buil ro 12f, Diciadain sa tighinn (23/01/13).

Luc mhath!

Mu Pheallaidh

‘S ainneamh a bhios ùraisgean a’ cumail conaltradh ri mac an daoine, ach bidh còmhraidhean gaolach fada ann eatorra fhèin – ann an Gàidhlig gun teagamh.

Bidh mòid mhòra aca cuideachd ann an ceàrnaidhean iomallach ri taobh easan agus air cladaichean creagach.  Ann an 1926, sgrìobh William J Watson, Gàidheal à Siorrachd Rois, a chur sgrùdadh àinmeam-àite ann an Alba air bhonn, gun robh ùraisg aig gach caochan ’s uisge ann am Bràghad Albainn aig aon àm, agus b’ e Peallaidh na rìgh dhaibh.  Tha ainm-san ri cluinntinn fhathast san ainm-àite, Obar Pheallaidh.

Chan fhaic ach muinntir an dà-sheallaidh ùraisgean mar as trice, ach uaireannan bidh daoine àbhaisteach gam faicinn cuideachd.  Thathar ag ràdh gu bheil iad frogail is bàidheil na phearsa…

Introducing Peallaidh!

Ùlpan is delighted to welcome a new member of the team – Peallaidh!

Peallaidh is an ùraisg, a water-being from Gaelic mythology, with more than a hint of a wildcat about him.  Ùraisgean are known as brownies or water-sprites in English.

Although quite shy, he is very knowledgeable noneless.  He enjoys word-play and above all else is especially fond of dairy products.

Just now, he is hiding somewhere on the Ùlpan website.  And before you ask, this page doesn’t count!

Your task is to find him on the website, and send a personal message on his favourite social network, to let him know where he has been found.

For the successful completion of this mission before next Wednesday at 12pm (23/01/13), Peallaidh will award one lucky winner an Ùlpan t-shirt.

Luc mhath!

About Peallaidh

Ùraisgean seldom speak to humans, but often engaged in long and affectionate conversations with one another – in Gaelic of course.

They hold large gatherings as well, usually in remote places beside waterfalls, and on rocky shores.  The founder of Scottish place-names studies and native speaker of Ross-shire Gaelic, William J Watson, wrote in 1926 that every watercourse in Breadalbane had an ùraisg at one time and their king was Peallaidh, whose name is still heard in the place-name, Obar Pheallaidh (Aberfeldy).

Usually, only those who have second sight can see ùraisgean, though there are instances when they make themselves visible to ordinary people as well.  They are said to be jolly and personable…

Advertisements

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s